Abair nighean àlainn, is tu a tha. Nach eil na reultan brèagha, 's an oidhche blàth. Thig a-mach leam dhan danns' a-nochd. Làmh air làimh anns a' bhaile mhòr. 'S fuirich leam gus an tig an latha. Le do shùilean coltach ris na reultan a' deàrrsadh gu h-àrd. Gun dèan sinn dannsa ri chèile - chan eil càil nas fheàrr. Làn na h-oidhche romhainn, am fàg sinn gun dàil. Beir air mo làimh, 's a-mach a seo... Rè na h-oidhche am measg na gràisg, Glan às ar rian, a' snìomh mun cuairt!
Hey nighean, dè tha dol, saoil, an toigh leat ceòl?
Am bu toigh leat dol dhan dannsa le còmhlan beò?
Nad aonar aig an taigh, is mòr am beud.
Nad aonar anns an taigh is an teilidh air.
Dè mu dheidhinn café snog, an roinn sinn pizza mòr?
Dè mu dheidhinn cuairt dhan tràigh, tha i sèimh gu leòr.
Nad aonar aig an taigh, bu mhòr am beud.
Nad aonar anns an taigh, tu fhèin 's an cat.
lasairdhubh 2 years ago
lasairdhubh 2 years ago